Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the The Scotsman site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Beachdan 'ceannard nan car' mu ar cànain



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date:
28 July 2007
RINN Alasdair Caimbeul cliù dha fhèin mar an dàrna duine as cumhachdail ann am Breatainn nuair a bha e ag obair mar "stiùiriche chonaltraidhean agus ro-innleachd" aig Tony Blair. Chuireadh e car ann an gnothaichean searbh, leithid mar a lean Blair air Bush gu cogadh ann an Iraq, gus an nochdadh iad milis sna meadhanan.
Tha Caimbeul a-cheart cho cliùiteach air son a chainnt làidir. Anns an leabhar ùr aige The Blair Years, stèidhichte air an leabhar-latha aige eadar 1997 agus 2003, tha e a' cur "whingeing Jocks" air muinntir nam meadhanan Albannach air sgàth cho mì-t
haingeil 's a bha iad do Bhlair air son na rinn e don dùthaich, leithid sgaoileadh-cumhachd 's a' Phàrlamaid ùr.

Cò a shaoileadh mar sin gur ann á teaghlach Gaidhealach a tha e fhèin, gu bheil dlùth cheangal aige ris a' Ghaidhealtachd, gum bi e a' cluich na pìoba 's gu bheil fiùs beagan Gàidhlig aige?

Bha athair, Dòmhnall, 'na lighiche sprèidh le buntainneas do Thiriodh agus bha cuideachd a mhàthar, Ealasaid, á siorrachd Inbhir Àir bho thùs. Tha deagh chuimhne aig Niall Brownlie á Tiriodh, a tha 'na sgrìobhadair 's 'na bhàrd, air na Caimbeulaich seo. "Sann á Cornaig Bheag a bha iad agus tha cuid dhiubh a' fuireach ann fhathast. Lachainn Dhòmhnaill Eachainn a bha againn air a sheanair. Se croitearan, luchd- teagaisg agus tuathanaich a bha anns na seann phàrantan, agus bha iad uile 'nan daoine glè chomasach."

Tha Niall a' faireachdainn gu bheil coltas teaghlach a sheanmhar ri fhaicinn an gnùis Alasdair Chaimbeil. Is dòcha gu bheil connspaidean clò anns an dualchas aige cuideachd. Bha aig bràthair a sheanmhar, an t-Urr. Eachann Camshron, deasaiche Na Bàird Thirisdeach a nochd ann an 1932, ri seasamh ri gearainean searbh gun do dh'atharraich e cus de na h-òrain agus gun robh beachd àraid aige fhèin nach bu chòir sràcan a bhith sa Ghàidhlig idir.

Dh'imrich an teaghlach gu Keighley ann an siorrachd York far an d'rugadh Alasdair Caimbeul ann an 1957. Ged a bha freumhan aige anns an fhearann chaidh e gu oilthigh Chambridge far an do leugh e Frangais agus Gearmailtis. An dèidh greis a' cluich na pìob mhòir air sràidean phrìomh chathair-bhailtean na Roinn Eòrpa sgrìobh e aistean èibhinn mu dheidhinn na cuairt aige don iris dhrabasta Penthouse, agus sann mar sin a fhuair e tòiseachadh ann an obair nam meadhanan.

Ged nach tàinig e an àird tro cheuman-inbhe na Seirbheis Chatharra mar a bhiodh daoine an dùil do neach-comhairle a bha cho dlùth ris a' phrìomhaire, choisinn e cliù mar naidheachdair fo bhuaidh Robert Maxwell 's an Daily Mirror agus bha e làn chleachdte ris na meadhanan a làimhseachadh nuair a thàinig e fo aire Thony Blair, a thug obair fir-labhairt phearsanta dha.

Shaoileadh tu, le cunntas-beatha mar sin aige, gum biodh e làn chomasach air ceistean inbhe agus ìomhaigh na Gàidhlig anns na meadhanan Albannach a fhreagairt nam biodh e deònach bruidhinn rinn idir.

A dh'ainneoin a chliù air son a bhith cruaidh air luchd naidheachd, tha e tighinn thairis air a' fòn mar dhuine rèidh - tuigseach, foidhdneach, agus glè thoilichte bruidhinn mu dheidhinn na Gàidhlig. Dh'aidich e an toiseach ged tha deagh chuimhne aige air a dhol a Thiriodh 'na bhalach air saor-làithean far an cuala e pailteas Gàidhlig, nach eil cuimhne aige a-nis ach air corra abairt. Bu mhath leis barrachd Ghàidhlig ionnsachadh nan robh an tìde aige agus tha e cinnteach gum bu chòir an cànan taic fhaighinn gus am bi i aig ginealaich eile ri teachd. Thuirt e: "Tha a' Ghàidhlig 'na pàirt mhòr de chultar na h-Alba, chan e a-mhàin gu h-eachdraidheil ach anns an là an-diugh. Mar sin tha e cudromach gum bi na meadhanan ga riochdachadh ann an dòighean ùr agus inntinneach gun a bhith an còmhnaidh a-mach oirre mar sheann chànan a tha a' bàsachadh."

Tha e air oillteachadh le cuid de na h-ionnsaighean mosach an aghaidh na Gàidhlig a bhios a' nochdadh cho tric an clò ged a tha e cinnteach nach e gràin-chinnidh a tha gam putadh ach aineolas. "Chan eil daoine a' tuigsinn dè tha anns a' Ghàidhlig agus tha iad gu nàdarach caran amharasach mu dheidhinn na tha air a cùlaibh. Tha feum aig daoine air faighinn a-mach mu na beachdan a tha sibh a' foillseachadh anns a' Ghàidhlig, agus ma tha sin a' ciallachadh gu bheil agaibh ri geàrr-chunntasan Beurla a thairgse dhaibh ann an clò, no fo-thiotalan a chur ri prògraman telebhisean, sin mar a tha e, oir feumaidh i a bhith fosgailte dhan a h-uile duine."

Tha e a' toirt rabhadh air a' chunnart gun cruthaich iomairt na Gàidhlig ghetto dhi fhèin. "Tha e math gu bheil duilleag Ghàidhlig aig an 'Albannach' mar eisimpleir, ach chan eil sin gu leòr leis fhèin. Bu chòir Gàidhlig a bhith an sàs air feadh nam pàipearan oir feumaidh i a bhith follaiseach sa h-uile seagh."

Tha beachd a-cheart cho cinnteach aige air soidhnichean rathaid. "Is math gu bheil iad ann ach gun chothroman a bhith ann do luchd-tadhail pàirt a ghabhail ann an tachartasan cultarach Gaidhealach dè tha na soidhnichean a' sanasachadh - cànan a b' àbhaist a bhith ann uaireigin den t-saoghal no cultar a tha da-rìreabh beò?"

Tha an Caimbeulach a' sireadh obair ùr an dràsta. Saoil an gabhadh muinntir nam meadhanan Gàidhlig ri comhairle "ceannard nan car" - no an ann ris-san a tha cuid dhiubh gan samhlachadh fhèin co-dhiù?

IT'S pretty well known that that Alastair Campbell has Tiree connections. If his father Donald had remained there instead of moving to Yorkshire, Tony Blair's "master of spin" would be well known in the island by his pedigree as Alastair Dhòmhnaill Lachainn. The caption to our picture gives it to five generations.

• Campbell still remembers some of his father's Gaelic. He says: "I'm shocked that some people have negative views about Gaelic, but I don't think it's because of displacement racism or zenophobia. If people don't understand what Gaelic is, they're a bit suspicious. It has to be open to all. For example, it's fine having a Gaelic page in The Scotsman - but that's not enough.

"It should be embedded throughout the paper, and throughout the whole of the Highlands - at least."



The full article contains 1151 words and appears in The Scotsman newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 27 July 2007 9:30 PM
  • Source: The Scotsman
  • Location: Edinburgh
 
1

Calum Crubag,

29/07/2007 12:25:52

Pios gle inntinneach.


 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.