Gleann Bhaile Chaoil

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
O nach robh mi thall sa' ghleann a' fuireach,
O nach robh mi thall an gleann Bhaile Chaoil,
Nan robh mise thall sa' ghleann a' fuireach
Chan fhàgainn e tuille, gleann lurach mo ghaoil.


Sa' mhaduinn nuair dh'éirinn gun èislean, gun ghruaim,
'Se thug sòlas do m'inntinn bhith sealltainn riut suas;
Chan eil gleann eil' air Gàidhealtachd bheir bàrr ort an snuadh,
Gur mis' tha fo chràdh-lot bhith 'n dràsd' cho fad' uait.

Gleann farsaing fìor mhonadh, dhìrinn e suas,
Gleann maiseach fìneagach 's mìorbhuileach tuar;
Ri samhradh is geamhradh do chleòca cho uain';
Chan eil nì a rinn nàdur nach fàs air do bhruaich.

Nuair dh'éireas a' ghrian air bu chiatach bhith ann,
'S i cho fial flathail coibhneil a' boillsgeadh air chrann,
I dùsgadh nan lòn-dubh 's nan smeòrach air ghèig,
Chur fàilte, le'n ceòl, air a mòrachd san speur.


[Faclan: Iain Camshron]



1