Botsuana
Lefatshe la Botswana Republic of Botswana |
|
---|---|
Bratach |
Lùireach |
Laoidh Nàiseanta | |
Fatshe leno la rona Blessed Be This Noble Land |
|
Sluagh-ghairm nàiseanta | |
Pula Rain |
|
Cànan(an) oifigeil | Beurla, Canan Tswana |
Prìomh-bhaile | Gaborone |
Baile as motha | Gaborone |
Riaghaltas | Poblachd phàrlamaideach |
Ceann-suidhe | Festus Mogae |
Stèidheachadh | |
Neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte |
30mh an t-Sultain 1966 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 581,726 km² (41mh) |
Uisge | 2.5 % |
Àireamh-shluaigh (2006) | |
Iomlan | 1,639,833 (147mh) |
Dlùths | 3.0/km² (220mh) |
LTD/CCC (2007) | |
Iomlan | $18.72 billean (114mh) |
gach pearsa | $14,700 (60mh) |
Roinn tìde | CAT (UTC+2) |
Ruith-airgid | Pula |
Eadar-lìon TLD | .bw |
Còd Àireamh fòn | 267 |
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann Botsuana,[1][2][3][4] ainm oifigeil: Poblachd Bhotsuana. Tha crìochan aice sa tuath le Saimbia, san ear-thuath le Siombabue, san iar le Naimibia agus sa deas le Afraga a Deas.
'S e fàsach a tha ann an 70% den dùthaich. Tha am Fàsach Kalahari suidhichte ann an iar-dheas Botsuana. 'S e an Okavango Delta an t-inbhir as motha air an t-Saoghail. Tha e ann an earra-thuath na dùthcha.
Fhuair an dùthaich neo-eisimeileachd bhon Rìoghachd Aonaichte anns a’ bhliadhna 1966, ach tha i fhathast nam ball den Cho-fhlaitheas.
B' e Botsuana aon de na dùthchannan as bochda a bha ann air feadh an t-Saoghail. Ach bhon àm ud, nuair a fhuair iad neo-eisimeileachd, dh’fhàs i nas beartaiche. Eadar 1966 agus 1999 chaidh an Làn-thoradh dùthchail suas mu 9% gach bliadhna.[5] Anns a' bhliadhna 2007 bha an GDP aig gach pearsa suas gu $14,700[6].
Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]
- ↑ Am Faclair Beag
- ↑ Dùthchannan aig SMO
- ↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- ↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- ↑ www.state.gov
- ↑ CIA World Fact Book