Karl Marx

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Karl Marx

Karl Heinrich Marx (5 an Cèitean, 1818 – 14mh den Mhairt 1883)

Feallsanaiche poileataigeach às a' Ghearmailt. Bhitheadh e a sgrìobhadh mu airgeid agus cumhachd. Cuide ri Friedrich Engels, stèidhich e an fheallsanachd phoilitigeach ris an canar Co-mhaoineas anns an duilleachan no pamflaid "am Manifesto Commanach" a thàinig a-mach ann an 1848. An dèidh seo 's e 'Marxachas' a dh'èighear air na smuaintean aige.

Tha mòran den bheachd gur e an leabhar is cudromaiche aige Das Kapital a sgrìobh e tarsainn air trì deichead agus far an do bhris e sìos, bheachdaich e agus gu ìre dh'ainmich e an seòrsa eaconamas ris an canar Kapitalismus (Gàidhlig: calpachas) san latha an diugh. Bha e a' dol an aghaidh bheachdan eaconamas libearalaich agus lean mòran deasbaid eadar an fheadhainn a tha ag aontachadh leis agus an fheadhainn nach eil.

Dh'ùghdar e gu leòr leabhraichean eile mu iomadach cuspair cuideachd.

Ged a chaidh a bhreith anns a' Ghearmailt bha aige ri gluasad dhachaigh glè thric oir nach bu chaomh le toir dhaoine na beachdan aige agus mu dheireadh rinn e a dhachaigh ann an Lunnainn agus dh'fhuirich e an sin gus an do bhàsaich e ann an 1883.

Aistean co-cheangailte[deasaich | deasaich an tùs]