Napoleon Bonaparte

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Napoleon Bonaparte
Napoleon Bonaparte

Ìompaire nam Frangach
Roimhe Dreuchd Ùr
Leantail Louis XVI

Breith 15 an Lùnasdal 1769
Ajaccio, Corsaca
Bàs 5 an Cèitean 1821
Eilean Naomh Eilidh
Pòsadh Joséphine de Beauharnais
Maria Ludovica Leopoldina Francisca Theresa Josepha Lucia de Habsbourg-Lorraine
Alma mater Acadamaidh an Armailt
Dreuchd Saighdear
Ainm-sgrìobhte Firma Napoleón Bonaparte.svg

Bha Napoleon Bonaparte (IPA: napɔleɔ̃ bɔnapaʁt, Ajaccio, 15 an Lùnasdal 1769 - Eilean Naomh Eilidh, 5 an Cèitean 1821)[1] na Impire na Frainge agus na Sheanailear. Rugadh e ann an Corsaca, far an robh a theaghlach a' fuireach. Bha athair, Carlo Maria Buonaparte na neach-lagha,[2] agus bha a mhàthair, Maria Letizia Ramolino, ga bhrosnachadh nuair a bha e na bhalach beag gu rudan cudromach a dhèanamh anns an àm ri teachd.

Chaidh e gu Acadamaidh an Armailt ann am Paras nuair a bha e dìreach 14 bliadhna[3] a dh'aois agus bhuannaich e urram is meas gu luath. Ann an 1799 bha e na sheanailear ann am Arm na Frainge ri linn Ar-a-mach na Frainge, agus ged a chaill iad an Èipheit,[4] dh'fhàs Napoleon ainmeil am measg muinntir na Frainge, an dà chuid na beartaich is na bochd.

Bha e na Chonsal nuair a chuir e an tiotal air fhèin, “Ìompaire nam Frangach” còmhla ri a chiad bhean Josephine, air a' chiad latha den Dùbhlachd 1804. Aig an àm sin bha cumhachd mhòr aige agus chuir e iomadh dùthaich fo smachd anns an Roinn Eòrpa, neartaich e an siostam sòisealta is chruthaich e codex a chleachd mòran riaghaltasan mar eisimpleir às dèidh sin, fiù 's san latha an-diugh. Phòs e dà thuras: a' chiad turas bho 1796 gu ruige 1809 aig Joséphine de Beauharnais[5], a bha seachd bliadhna na b' aosda na esan agus gu math trioblaideach agus an uair sin aig Marie Louise, Bana-dhìuc Pharma, bho 1810 gu ruige 1814.[6]

Ach bha nàmhaidean cumhachdach na aghaidh. Impireachd na Breatainne, a' Phruis agus an Ruis, agus chuidich iad dùthchannan eile airson na Frangaich a chuir air falbh. Chaill iad an Spàinnt ann an 1812[7] agus cha do chuir iad an Ruis fo smachd ann an 1813.[8] Thòisich crìonadh na Impireachd aig an àm a bha siud.

Mar sin, chaidh a fhògradh a dh'Eilean Elba ann an 1814 is thill Rìgh Louis XVI còrr is 15 bliadhna às dèidh an ar-a-mach mhòir. Ach ann an 1815 thill Napoleon dhan Fhraing gu mòr-thoilicheas an t-sluaigh, gus am blàr mu dheireadh ullachadh ann an Bhatarlù.[9] Anns a' Chèitean 1815 shabaid Napoleon an aghaidh a thrì nàmhaidean, ach cha robh e soirbheachail is chaidh a fhògradh a-rithist, an turas seo gu Eilean Naomh Eilidh far an do bhàsaich e sia bliadhna às dèidh sin ann an 1821. Bha e dìreach 51.[10]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Le Figaro
  2. La Ville d'Ajaccio
  3. BNF
  4. Fondation Napoleón
  5. Femmes Célèbres
  6. Geneviève Chastenet, Marie-Louise, l'impératrice oubliée, Paris, J'ai lu,‎ 1982 ISBN 2-277-22024-8
  7. ABC
  8. Fondation Napoléon
  9. Waterloo
  10. Le Monde