'S e co-chomann teacno a th' ann an Nad Aislingean nach eil às a' phlanaid seo idir...

 

 

Cò thu co-dhiù?

'S e guth nan reultan a th' ann an Anna Ròc agus an sgioba-cùlaibh: Tim Ceartas, a sgrìobhas na h-òran agus Illiqp't agus J-Roc, a thogas na buillean. Tha iad a' fuireach eadar 85 agus 135 bgm.

 

Èist ri Nad Aislingean aig myspace.com/nadaislingean

 

 
lasair san adhar

seo ar planaid
danns còmhla riumsa
cuiridh thu
rù-rà nam cheann

is mise a tha a' tuiteam ann an gaol
a-rithist, a-nochd, lasair anns an adhar

an rocaid ghleansaich
beul na h-oidhche
às an speur
cò thu co-dhiù

ceòl a' breabadh
spùinneadair foirfe
he, he, he

 

 

Nuair a rainnig Anna a' phlanaid neònach, chuir prionnsa failte bhlàth oirre...
 

 

"Ceòl Gàidhlig Mar Sgian Nad Amhaich!"

Seo an cruinneachadh ùr, làn-Gàidhlig, ùr-nòsach bho Problem? Records.  Tha Nad Aislingean air leis an òran snasail aca, "Lasair san Adhar," còmhla ri trì còmhlan eile: Oi Polloi, Mill a h-Uile Rud agus Atomgevitter. 

 

 

Tha Tim an sàs ann am Mill a h-Uile Rud agus Illiqp't agus J-Roc ann an Slidecamp.