‘S e seo liosta dhen briathrachas LGDTCE+ a bhios mi a’ cleachdadh air an làrach-lìn seo. Cuiribh fios thugam air Twitter no Post-d ma lorgas sibh mearachd no facal a tha a dhìth.

Below is a list of the LGBTQI+ vocabulary used on this site. Let me know on Twitter or Email if you spot a mistake or a missing word.

A | B | C | D | E | F | G | H | I | L | M | N | O | P | R | S | T | U

A

A’ tighinn a-mach

(coming out)

Innse do dhaoine eile mu do fheisealachd no do dhearbh-aithne gnè.

Achd Aithneachadh Gnè

(Gender Recognition Act 2004)

Achd Pàrlamaid an Rìoghachd Aonaichte a bhios a’ toirt cead do dhaoine a bhith ag atharrachadh an gnè aca gu laghail.

Annas dhen dà-sheòrsachd

(bicurious)

Ma tha annas aig cuideigin dhen dà-sheòrsachd, tha ùidh aca ann am feise ri duine de ghnè nach eil a’ co-fhreagairt am feisealachd àbhaisteach aca.

M.e. fireannach co-sheòrsach no boireannach eile-sheòrsach a tha airson feise ri boireannach agus fireannach eile-sheòrsach no leasbach a tha airson feise ri fireannach.

Aon-ghnèitheach

(same-gender)

A’ buntainn ri no a’ toirt iomradh air daoine dhen aon gnè.

Aon-sheòrsach

(same-sex)

A’ buntainn ri no a’ toirt iomradh air daoine dhen aon seòrsa.

M.e. Is pòsadh eadar dithis fhireannach no dithis bhoireannach a th’ ann am pòsadh aon-sheòrsach.

Ath-bhuileachadh gnè

(gender reassignment)

An atharrachadh, le lannsaireachd is leigheasan brodaig, de fheartan gnè corporra gu gnè eile.

B

Bana-ghèidh

(a gay woman / a lesbian)

Boireannach co-sheòrsach no boireannach aig a bheil miann air boireannaich eile.

Bànrigh draga

(drag queen)

Fèistear fireannach a bhios a’ cur air aodach “boireannaich” mar phàirt de thaisbeanadh.

Bìnearachd gnè

(gender binary)

Siostam seòrsachaidh gnè le dà ghnè no dà sheòrsa eadar-dhealaichte .i. boireann is fireann. Tha an siostam seo an dùil ri seòrsa, gnè agus feisealachd a tha uile co-ionann ri chèile .i. fear le coltas, feartan agus dearbh-aithne gnè fireannach agus aig a bheil miann eile-sheòrsach air boireannaich.

Bìoras Easbhaidh Ion-dhìon Daonna

(Human Immunodeficiency Virus / HIV)

Bhìoras a bhios a’ milleadh ceallan anns an t-siostam dìon-slàinte agus a’ lagachadh an comas a bhith a’ sabaid galaran agus tinneasan. Nuair a tha an siostam dìon-slàinte air a mhilleadh bidh cuid de dh’euslaintich a’ fulang buidheann de ghalaran agus tinneasan a tha air an ainmeachadh AIDS.

Brodag

hormone

Stuth ceimigeach, a leithid estrogen no teisteostaron, air a dhèanamh anns a’ bhodhaig a bhios a’ riaghladh leasachadh gnèitheasach agus an t-siostam gineamhainn.

Brodag-gnè

(sex hormone)

Stuth ceimigeach, a leithid estrogen no teisteostaron, air a dhèanamh anns a’ bhodhaig a bhios a’ riaghladh leasachadh gnèitheasach agus an t-siostam gineamhainn.

Brodag nan clach / Teisteostaron

testosterone

Brodag nàdurrach a tha air a dhèanamh anns a’ bhodhaig agus a tha an urra ri leasachadh na feartan-gineamhain fireann a leithid na clachan agus a’ phròstata. Tha e cuideachd an urra ri leasachadh feartan eile a leithid meudachadh ann an tomhad fèithe agus cnàimh agus fàs fuilt cuirp.

Tha teisteostaron cuideachd air a chleachdadh mar leigheas airson fireannaich le ìrean ìsle de teisteostaron, fireannaich gun theisteostaron nàdurra, seòrsaichean sònraichte de dh’aillse broilleach agus neo-shàstachd gnè ann an tar-fhireannaich.

C

Caismeachd pròise

(pride march)

Tachartas a bhios a’ comharrachadh a’ choimhearsnachd LCDT+. Uaireannan tha iad air an cleachdadh airson fianais a thogail an-aghaidh claon-bhreith air choireigin m.e. neo-ionannachd pòsaidh. Bidh a’ chuid as motha de thachartasan pròise a’ tachairt gach bliadhna, agus bidh mòran a’ tachairt air feadh an t-Òg-mhios gus na Stonewall Riots, a thachair ann an 1969, a chomharrachadh.

Caidreabhach / Caraid

(ally)

Neach a bhios a’ toirt taic dhan a’ choimhearsnachd LCDTQ ged nach eil iadsan LCDTQ.

Cios-ghnèitheach

(cisgender)

Tha cios-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil dearbh-aithne gnè a tha co-ionann ris an gnè breith aca.

M.e. fear aig a bheil dearbh-aithne fireann agus boireannach le dearbh-aithne boireann.

Co-ghnèitheach

(cogender)

Tha co-ghnèitheach na dhearbh-aithne in-ghabhalach a tha mar aonadh de dhà no barrachd gnèithean. Tha daoine co-ghnèitheach ceart gu leòr le bhith air aithneachadh mar gnè sam bith a tha na phàirt dhen dhearbh-aithne aca.

Co-ionannachd gnè

(gender equality)

Bun-bheachd gu bheil a h-uile duine co-ionann agus gum bu chòir na h-aon cothroman agus còirichean a bhith aig a h-uile daoine ge b’ e an gnè aca.

Co-ionannachd pòsaidh

(marriage equality)

An comas pòsadh, leis a h-uile còraichean co-cheangailte, ge b’ e gnè no seòrsa nan daoine a tha airson pòsadh.

Co-sheòrsach

(gay / homosexual)

Mar as trice tha co-sheòrsach a’ toirt iomradh air fireannach aig a bheil miann air fireannaich eile, ach tha e cuideachd air a chleachdadh gus iomradh a thoirt air a’ choimhearsnachd LCDT+ san fharsaingeachd.

Còirichean co-ionann

(equal rights)

Bun-bheachd gu bheil a h-uile duine co-ionann agus gum bu chòir na h-aon cothroman agus còirichean a bhith aig a h-uile daoine ge b’ e rudan a leithid gnè, feisealachd, creideamh, aois no cinneadh.

Cuèir

(queer)

Bidh cuid de dhaoine a’ cleachdadh am facal cuèir gus iomradh a thoirt air a’ choimhearsnachd LCDTQ san fharsaingeachd agus bidh cuid eile ga chleachdadh air sgàth ‘s nach eil iad a’ faireachdainn gu bheil teirmean LCDTQ eile gan riochdachadh gu ceart.

Thoir an àire: Ann am Breatainn b’ e facal lùghdachail a bh’ ann an cuèir gu h-eachdraidheil. Ged a tha a’ choimhearsnachd air a thoirt air ais, tha cuid ann a tha a’ smaoineachadh gur e facal lùghdaichail a th’ ann fhathast.

Cuèir-ghnèitheach

(genderqueer / non-binary)

Tha cuèir-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin aig nach eil dearbh aithne boireann no fireann. Ma dh’fhaodte gum bi iad a’ toirt iomradh orra fhèin mar mheasgachadh dhen dà chuid, mar far-ghnèitheach no mar rudeigin gu tur eadar-dhealaichte.

Cùisean co-cheangailte ri gnè

(gender issues)

Cùis no dragh sam bith air a dhearbhadh le eadar-dhealachaidhean stèidhichte air gnè.

D

Dà-ghnèitheach

(bigender)

Tha dà-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin a bhios ag aithneachadh mar dà ghnè gu tur eadar-dhealaichte. Bidh cuid de dhaoine dà-ghnèitheach ag atharrachadh eadar na gnèithean aca aig diofar amannan ach bidh cuid eile ag aithneachadh mar dà ghnè aig an aon àm.

Dà-sheòrsach

(bisexual)

Mar as trice tha dà-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air boireannaich agus fireannaich, ach tha e cuideachd a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air daoine eile ge b’ e an gnè aca.

Dà-spioradach

(two-spirit)

Mìneachadh

Dearbh-aithne gnè

(gender identity)

An dòigh anns a bhios cuideigin a’ toirt iomradh air an gnè aca. Dh’fhaodadh e bhith co-ionann ris an gnè breith aca mar a tha le daoine cios-ghnèitheach no dh’fhaodadh e bhith eadar-dhealaichte mar a tha e le daoine tar-ghnèitheach, neo-bhìnearaidh is eile.

E

Eadar-ghnèitheach

(intergender)

Mìneachadh

Eadar-sheòrsach

(intersex)

Tha daoine eadar-sheòrsach air am breith le aon de ghrunn atharrachaidhean anns na feartan gnè aca. Mar as trice thèid seòrsa a shuidheachadh orra aig àm breith ach uaireannan cha bhi iad ag aithneachadh leis mar a dh’fhàsas iad nas sìne agus bidh iad airson an gnè no an seòrsa aca atharrachadh.

Earotaigeachd cho-sheòrsach

(homoeroticism)

Miann feise eadar daoine dhen aon gnè no seòrsa.

Eastraigin

oestrogen

Buidheann de bhrodagan nàdarrach a tha air a dhèanamh anns a’ bhodhaig agus a tha an urra ri leasachadh na feartan-gineamhain boirean agus am broinn ullachadh airson uighean thorrach.

Tha eastraigin cuideachd air a chleachdadh ann am pilean casg-gineamhain, ann an leigheasan airson seòrsaichean sònraichte de dh’aillse agus neo-shàstachd gnè ann an tar-bhoireannaich.

Eile-sheòrsach

(heterosexual)

Tha eile-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air gnè eile .i. fireannach aig a bheil miann air boireannaich.

F

Far-ghnèitheach

(genderqueer / non-binary)

Tha far-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin aig nach eil dearbh aithne boireann no fireann. Ma dh’fhaodte gum bi iad a’ toirt iomradh orra fhèin mar mheasgachadh dhen dà chuid, mar far-ghnèitheach no mar rudeigin gu tur eadar-dhealaichte.

Fear-gèidh

(a gay man)

Fireannach co-sheòrsach no fireannach aig a bheil miann air fireannaich eile.

Fèis-pròise

(Pride - march, event, celebration etc)

Tachartas a bhios a’ comharrachadh a’ choimhearsnachd LCDT+. Uaireannan tha iad air an cleachdadh airson fianais a thogail an-aghaidh claon-bhreith air choireigin m.e. neo-ionannachd pòsaidh. Bidh a’ chuid as motha de thachartasan pròise a’ tachairt gach bliadhna, agus bidh mòran a’ tachairt air feadh an t-Òg-mhios gus na Stonewall Riots, a thachair ann an 1969, a chomharrachadh.

Feisealachd

(sexuality)

Tha taobhadh-feise no feisealachd a’ toirt iomradh air a’ phàtran de mhiann faireachail, romansach no fèiseil a th’ aig cuideigin.

G

Gèidh

(gay)

Mar as trice tha gèidh a’ toirt iomradh air fireannach aig a bheil miann air fireannaich eile, ach tha e cuideachd air a chleachdadh gus iomradh a thoirt air a’ choimhearsnachd LCDT+ san fharsaingeachd.

Gèidheal

(an LGBTQI+ Gaelic speaker)

Gàidheal LGDTCE+.

Gnè-nòrmadach

(gender normative)

Tha gnè-normadach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil dearbh-aithne agus feisealachd a tha co-ionann ris an gnè breith aca.

Gnè-nòrmadachd

(gender normativity)

Bun bheachd gu bheil a h-uile daoine boireann no fireann agus gur e eile-sheòrsachd an feisealachd àbhaisteach.

Gnè-shùbailte

(gender fluid)

Dearbh-aithne gnè far nach eil cuideigin ag aithneachadh le aon ghnè stèidhichte. ‘S urrainn dhaibh aithneachadh mar iomadh gnè aig an aon àm no atharrachadh eadar na ghnèithean aca aig diofar amannan.

Gràin-co-sheòrsachd

(homophobia)

Claon-bhreith an aghaidh dhaoine co-sheòrsach air sgàth ‘s gu bhei iad co-sheòrsach.

Gràin-dà-sheòrsachd

(biphobia)

Claon-bhreith an aghaidh dhaoine dà-sheòrsach air sgàth ‘s gu bhei iad dà-sheòrsach.

Gràin-tar-ghnèitheachd

(transphobia)

Claon-bhreith an aghaidh dhaoine tar-ghnèitheach air sgàth ‘s gu bhei iad tar-ghnèitheach.

I

Iol-ghnèitheach

(heterogender)

Tha iol-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air daoine de ghnè eile.

Iol-sheòrsach

(heterosexual)

Tha iol-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air gnè eile .i. fireannach aig a bheil miann air boireannaich.

Ioma-ghnèitheach

(multigender)

Tha ioma-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin a bhios ag aithneachadh le iomadh gnè. Dh’fhaodadh seo a bhith aig an aon àm neo dh’fhaodadh iad atharrachadh eadar na gnèithean aca aig diofar amannan.

Ioma-sheòrsach

(polysexual)

Tha ioma-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air iomadh gnè eile.

L

LCDT+

(LGBT+)

Lesbach, Co-sheòrsach, Dà-sheòrsach, Tar-ghnèitheach

Leasbach

(lesbian)

Tha leasbach a’ toirt iomradh air boireanna(i)ch co-sheòrsach no boireannach aig a bheil miann air boireannaich eile.

Leigheas ro-chasgach iar-ghabhalach

(post-exposure prophylaxis (PEP))

Mìneachadh

Leigheas ro-chasgach ro-ghabhalach

(pre-exposure prophylaxis (PrEP))

Mìneachadh

Leigheas torrachais

(fertility treatment)

Leigheas sam bith, a leithid sìolachadh fuadain no sìolachadh in-bhiotro, a tha ag amas air neach a chuidheachadh le bhith a’ fàs trom le leanabh.

Leth-bhreith

(discrimination)

Làimhseachadh eadar-dhealaichte de dhaoine air sgàth ‘s adhbharan a leithid aois, gnè, feisealachd no cinneadh.

Leth-bhreith a thaobh gnè

(gender discrimination)

Làimhseachadh eadar-dhealaichte de dhaoine air sgàth ‘s a gnè aca.

Leth-ghnèitheach

(demigender)

Tha leth-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil ceangal pàirtichte ri gnè sònraichte.

Leth-sheòrsach

(demisexual)

Tha leth-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin aig nach eil miann feise air daoine eile mura h-eil ceangal faireachail eadarra cuideachd.

LGDTCE+

(LGBTQI+)

Leasbach, Gèidh, Dà-sheòrsach, Tar-ghnèitheach, Cuèir, Eadar-ghnèitheach

Luchd-gèidh

(gay people)

Daoine aig a bheil miann air daoine eile dhen aon seòrsa.

M

Màthair-ionaid

(surrogate mother)

Cuideigin a bhios a’ breith leanabh do chuideigin nach eil comasach air leanabh a bhreith.

Mion-chuid

(minority)

Buidheann de dhaoine a tha diofraichte bhon a’ mhòr-chuid air sgàth ‘s adhbhar sònraichte a leithid creideamh, cinneadh, cànan no feisealachd.

Mì-ainmeachadh

(deadnaming)

A’ toirt iomradh air cuideigin leis an ainm breith aca as dèidh dhaibh atharrachadh. Mar as trice bidh seo a’ tachairt do dhaoine tar-ghnèitheach a tha air ainm ùr a thagh a fhreagras an gnè ùr aca ach bidh cuid de dhaoine fhathast a’ cleachdadh an seann ainm a bh’ orra.

Mì-ghnèitheachadh

(misgendering)

A’ toirt iomradh air cuideigin leis na riochdairean ceàrr. Mar eisimpleir a’ toirt iomradh air balach tar-ghnèitheach leis an riochdaire “i” air sgàth ‘s gun deach a chomharradh boireann aig àm breith.

Mì-rian dearbh-aithne gnè

(gender identity disorder)

An duilgheadas a bhios cuideigin a’ fulang nuair nach eil an dearbh-aithne aca co-ionann ris an gnè breith aca. ‘S e teirm seann-fhasanta a th’ ann a-nis agus ‘s e neo-shàstachd gnè an teirm as cumanta.

N

Neach-gèidh

(a gay person)

Neach aig a bheil miann air daoine eile dhen aon seòrsa no gnè.

Neach-ionaid

(surrogate)

Cuideigin a bhios a’ breith leanabh do chuideigin nach eil comasach air leanabh a bhreith.

Neo-bhìnearaidh

(non-binary)

Tha neo-bhìnearaidh a’ toirt iomradh air cuideigin aig nach eil dearbh aithne boireann no fireann. Ma dh’fhaodte gum bi iad a’ toirt iomradh orra fhèin mar mheasgachadh dhen dà chuid, mar neo-bhìnearaidh no mar rudeigin gu tur eadar-dhealaichte.

Neo-ghnèitheach

(agender)

Tha neo-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin gun ghnè.

Neo-rèireach a-thaobh gnè

(gender non-conforming)

Cuideigin nach bhios a’ leantainn nam beachdan no gnàth-ìomhaighean mun choltas no dòigh-giùlain a bu chòir a bhith aca a-rèir a’ ghnè bhoireinn no firinn fon deach an clàradh aig àm breith.

Neo-romansach

(aromantic)

Tha neo-romansach a’ toirt iomradh air cuideigin gun mhiann air daoine eile.

Neo-shàstachd gnè

(gender dysphoria)

An duilgheadas a bhios cuideigin a’ fulang nuair nach eil an dearbh-aithne aca co-ionann ris an gnè breith aca. Bha an teirm “mì-rian dearbh-aithne gnè” air a chleachdadh gu h-eachdraidheil.

Neo-sheòrsach

(asexual)

Tha neo-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin gun mhiann feise air daoine eile.

Neodroiseach

(neutrois)

Mìneachadh

Nochdadh gnè

(gender expression)

An dòigh anns a bheil giùlan, cleachdaidhean, ùidhean agus còltas neach a tha co-cheangailte ri gnè ann an co-theacsa cultarail sònraichte.

Mar as trice bidh nochdadh gnè neach co-ionann ris an dearbh-aithne gnè aca ach chan eil seo an-còmhnaidh fìor agus tha nochdadh gnè eadar-dhealaichte agus neo-eisimeileach bho taobhadh feise agus gnè breithe.

M.e. Dh’fhaodadh nochdadh gnè boireann a bhith air balach cios-ghnèitheach ge b’ e dè am feisealachd aige.

O

Obair-lannsa daingneachadh gnè

(gender confirmation surgery)

Obair-lannsa gus fheartan corporra duine tar-ghnèitheach atharrachadh gus a bhith nas coltaiche ri feartan corporra an gnè aithnichte aca.

Oillt cho-sheòrsach

(homophobia)

Claon-bhreith an aghaidh dhaoine co-sheòrsach air sgàth ‘s gu bhei iad co-sheòrsach.

Oillt dhà-sheòrsach

(biphobia)

Claon-bhreith an aghaidh dhaoine dà-sheòrsach air sgàth ‘s gu bhei iad dà-sheòrsach.

Oillt thar-ghnèitheach

(transphobia)

Claon-bhreith an aghaidh dhaoine tar-ghnèitheach air sgàth ‘s gu bhei iad tar-ghnèitheach.

P

Pan-ghnèitheach

(pangender)

Tha pan-ghnèitheach a’ toirt iomradh air cuideigin nach eil ag aithneachadh le gnè àraid. Bidh cuid de dhaoine pan-ghnèitheach ag aithneachadh mar mheasgachadh de ghnèithean diofraichte agus bidh cuid eile ag ràdh gu bheil iad gun ghnè.

Pan-sheòrsach

(pansexual)

Tha pan-sheòrsach a’ toirt iomradh air cuideigin aig a bheil miann air daoine eile ge b’ e an gnè aca.

Pòsadh aon-sheòrsach

(same-sex marriage)

Pòsadh eadar daoine dhen aon gnè.

Pròis

(pride)

Mìneachadh

Pròiseil

(proud)

Mìneachadh

R

Rìgh draga

(drag king)

Fèistear boireannach a bhios a’ cur air aodach “fireannaich” mar phàirt de thaisbeanadh.

S

Sa chlòsaid

(in the closet)

Tha cuideigin sa chlòsaid nuair nach eil iad air aithneachadh do dhaoine eile, no ma dh’fhaodte dhaibh fhèin, gu bheil iad LCDT+

Sìolachadh fuadain

(artificial insemination)

Leigheas a tha ag amas air neach a chuidheachadh le bhith a’ fàs trom le leanabh.

Sionndram Easbhaidh Ion-dhìon Togte

(Acquired Immunodeficiency Syndrome / AIDS)

Buidheann de ghalaran agus tinneasan a bhios cuid de dh’euslaintich le HIV a’ fulang nuair a tha an HIV air an siostam dìon-slàinte aca a mhilleadh.

Speactram gnè

(gender spectrum)

Bun-bheachd gu bheil gnè na speactram le fireannaich is boireannaich aig gach ceann, tha cuid de dhaoine a’ faireachdainn gu bheil iad a’ freagairt gnè eadar-dhealaichte seach an gnè a thugadh dhaibh nuair a rugadh iad agus bidh iad a’ gluasad bho aon taobh dhan taobh eile.

Bidh cuid a’ faireachdainn gu bheil iad a’ freagairt measgachadh sam bith de ghnèithean air an speactram.

Bidh cuid a’ toirt iomradh air an gnè aca mar neo-bhìnearaidh airson innse nuair a tha an gnè aca a’ tuiteam taobh a-muigh an speactram gnè. Bidh cuid dhe na daoine seo a’ cleachdadh an riochdaire pearsanta “iad” an àite “e” no “i”.

Bidh cuid a’ faireachdainn nach eil an gnè aca air an speactram idir agus bidh iad a’ diùltadh am bun-bheachd seo gu tùr.

Sùbailteachd-gnè

(gender fluidity)

Cha bhi daoine gnè-shùbailte ag aithneachadh le aon ghnè stèidhichte. ‘S urrainn dhaibh aithneachadh mar iomadh gnè aig an aon àm no atharrachadh eadar na gnèithean aca aig diofar amannan.

T

Taobhadh-feise

(sexual orientation)

Tha taobhadh-feise no feisealachd a’ toirt iomradh air a’ phàtran de mhiann faireachail, romansach no fèiseil a th’ aig cuideigin.

Taobhadh measgaichte

(crossed/mixed orientation)

‘S e taobhadh measgaichte nuair a tha miann faireachail no romansach aig cuideigin a tha eadar-dhealaichte bhon feisealachd aca mar eisimpleir boireannach le miann faireachail no romansach air boireannaich ach miann feise air fireannaich.

Tar-bhoireannach

(a trans woman)

Boireannach a chaidh a shònrachadh fireannach aig àm a breith ach a tha a-nis a’ fuireach mar bhoireannach.

Tar-dhuine

(a trans person)

Neach aig a bheil dearbh-aithne gnè no nochdadh gnè a tha diofraichte bhon gnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad.

Tar-neach

(a trans person)

Neach aig a bheil dearbh-aithne gnè no nochdadh gnè a tha diofraichte bhon gnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad.

Tar-fhireannach

(a trans man)

Fireannach a chaidh a shònrachadh boireannach aig àm a bhreith ach a tha a-nis a’ fuireach mar fhireannach.

Tar-ghnèitheach

(transgender)

Tha tar-ghnèitheach a’ toirt iomradh air raon farsaing de dhaoine aig a bheil dearbh-aithne gnè no nochdadh gnè a tha diofraichte bhon gnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad.

Bidh cuid de dhaoine a’ cleachdadh tar-ghnèitheach, tar-sheòrsach no an giorrachadh trans an àite a chèile.

Tar-sheòrsach

(transexual)

Tha tar-sheòrsach a’ toirt iomradh air daoine tar-ghnèitheach a tha air eadar-ghluasad bhon gnè a chaidh a chur orra nuair a rugadh iad chun an gnè ris a bheil iad ag aithneachadh.

Bidh cuid de dhaoine a’ cleachdadh tar-ghnèitheach, tar-sheòrsach no an giorrachadh trans an àite a chèile.

Teiripe iompachadh co-sheòrsachd

(gay conversion therapy)

Mìneachadh

Teiripe ionadachadh bhrodagan

(hormone replacement therapy)

Mìneachadh

Brodag nan clach / Teisteostaron

testosterone

Brodag nàdurrach a tha air a dhèanamh anns a’ bhodhaig agus a tha an urra ri leasachadh na feartan-gineamhain fireann a leithid na clachan agus a’ phròstata. Tha e cuideachd an urra ri leasachadh feartan eile a leithid meudachadh ann an tomhad fèithe agus cnàimh agus fàs fuilt cuirp.

Tha teisteostaron cuideachd air a chleachdadh mar leigheas airson fireannaich le ìrean ìsle de teisteostaron, fireannaich gun theisteostaron nàdurra, seòrsaichean sònraichte de dh’aillse broilleach agus neo-shàstachd gnè ann an tar-fhireannaich.

U

Uile-ghnèitheach

(unigender)

Mìneachadh

Uile-sheòrsach

(unisex)

Mìneachadh